Julie Fowlis - Mo Ghruagach Dhonn

Hi ho ro, mo ghruagach dhonn,
'S ann ort fhèin a dh'fhàs an loinn:
Dh'fhàg siud acaid na mo chom,
An gaol cho trom 's a ghabh mi ort.

Fhuair mi do litir Dimàirt,
Dh'innseadh dhòmhsa mar a bha:
Gu robh thu a' tighinn gun dàil
A-mach air bàta Ghlaschu.

Nuair a leugh mi mar a bha,
Ghabh mi sìos am Brumalà:
Chunnaic mi a' tighinn am bàt'
'S an t‑àilleagan, an ainnir, innt'.

Nuair a shìn mi mach mo làmh,
Thionndaidh thu le fiamh a' ghàir'
'S labhair thu facal no dhà
Dh'fhàg iomadh tràth gun chadal mi.

'S ann ort fhèin tha ghruag a' fàs ‑
Cha dubh 's cha ruadh is cha bhàn,
Ach mar an t-òr as àille snuadh,
Gu buidhe, dualach, camalagach.

Dhèanainn sgrìobhadh dhut le peannt,
Dhèanainn treabhadh dhut le crann,
Dhèanainn sgiobair dhut air luing,
Air nighean donn nam meall-shùilean.

Meòir is grinn thu air an t-snàth
No cur peannt air pàipear bàn,
Ach ma chaidh thu null thar sàil
Dh'Astràilia, mo bheannachd leat.

Cha bhi mi tuilleadh fo leòn,
Glacaidh mi tè ùr air spòig ‑
Solamh bu ghlice bha beò,
Bha aige mòran leannanan

Add comment to Julie Fowlis - Mo Ghruagach Dhonn


Most populer Julie Fowlis songs

Most populer songs