Julie Fowlis - An Aghaidh Fàilte na Mòr-Thìr

Ionn dà, ionn dò
Ionn dà
Ionn dà, ionn dò
Ionn dà

Itearainn àrainn
Urainn othoro
Itearainn àrainn ò ro

Uibhist mheallach,
loma-làn arain,
's i gun ghainne 'n annlann.

Sruthan mheala
ruith bhon talamh,
's bho bharra nam beanntan.

'S mairg a mhol
a' Mhòr-Thìr sgrogach,
airson stoban calltainn.

Fearann mosach
's olc ri choiseachd –
cha chinn molt neo meann air.

'S e na cearcan
pòr as pailte,
's iad ag cac mu 'n t-slabhraidh.

Mnathan binneach
air bheag grinneas,
's iad ri inisg chainnte.

Fir gun sonas,
làn de 'n donas,
's iad ri cron 's ri aimhreit.

Add comment to Julie Fowlis - An Aghaidh Fàilte na Mòr-Thìr


Most populer Julie Fowlis songs

Most populer songs