Julie Fowlis - An Eala Bhàn

Gur duilich leam mar tha mi
's mo chridhe 'n sàs aig bròn
bhon an uair a dh'fhàg mi
beanntan àrd a'cheò,
gleanntannan a'mhànrain
nan loch, nam bàgh, 's nan stròm
's an eala bhàn 'tha tamh ann
gach là air 'm bheil mi'n tòir.

A Mhagaidh na bi tùrsach
a rùin, ged gheibhinn bàs.
Cò am fear am measg an t-sluaigh
a mhaireas buan gu bràth?
Chan eil sinn uileadh ach air chuairt
mar dhìthein buaile fàs
bheir siantannan na bhliadhna sìos
's nach tog a'ghrian an àird.

Air m'uilinn anns na truinnseachan
tha m'inntinn ort, a ghràidh.
Nam chadal bidh mi 'bruadar ort,
cha dualach dhomh bhith slàn.
Tha m'aigne air a' lìonadh
le cianalas cho làn,
's a' ghruag a dh'fhàs cho ruadh orm
a-nis air thuar bhith bàn.

Mas e 's gu bheil e 'n dàn dhomh
o'n bhlàr gu'n till mi beò,
is gu'm faic mi'n t-àite
's an deachaidh m'àrach òg,
bidh sinne 's crathadh làmh againn
is bilean blàth toirt phòg,
's mo ghealltanas bidh pàighte dhut
le fàinne chur mu d'mheòir.

Ach ma thig an t-àm
is anns an Fhraing gu'm faigh mi bàs,
's an uaigh gu'n tèid mo shineadh
far éil na mìltean chàch,
mo bheannachd leis a'ghruagaich,
a'chaileag uasal bhàn,
gach latha a dh'fhalbh gun uallach dhi
gun nàire gruaidh na dhàil.

Oidhche mhath leat fhéin, a rùin,
nad leabaidh chùbhraidh bhlàth,
cadal sàmhach air a chùl
's do dhùsgadh sunndach slàn.
Tha mise 'seo 'san truinnsidh fhuair
nam chluaisean fuaim a bhàis,
gun dùil ri faighinn às le buaidh
tha'n cuan cho buan ri shnàmh.

Add comment to Julie Fowlis - An Eala Bhàn


Most populer Julie Fowlis songs

Most populer songs