Julie Fowlis - Òran Fìr Heisgeir

Gura mis' tha fo mhì-ghean
'S mi leam fhìn air a' chnoc
Fada, fada, bho m' chàirdean
Ann an àite ri port,
Gus am facas do bhàta
Le siùil àrda ri dos,
Tigh'nn a-steach chun na h-Àirde
'S mac an àrmainn air a' stoc.

Mac an àrmainn air stiùir
A tigh'nn a dh' ionnsaidh an Troit;
Gu bheil an caolas a' beucadh,
'S muir ag èirigh mu slait;
Tha do làmh-sa cho gleusta
'S nach do thrèig ise neart
Ged a thigeadh muir dubh-ghorm
'Chuireadh sgur agus siail.

'S ged a bhiodh cìosnachadh mar' ann
'Bhuaileadh barraibh a crann,
'Chuireadh dh' ionnsaigh a slat i,
'S luaithe h-astar na long;
Bhiodh i aigeannach, aotrom,
'G èirigh eadar gach gleann,
'S muir a' bualadh mu darach,
'Fuasgladh reangan is lann.

Bu tu sgiobair na fairge,
Bu tu fear falmadair grinn,
Gur tu b' urrainn a stiùireadh
'Nuair a dhiùltadh iad i;
Ged a bheireadh iad thairis,
'S iad na laighe 's an tuim,
Chumadh tusa i cho gàireach,
Gus an tàradh i tìr.

Chan eil aon rubha cladaich
Eadar seo 's a Chaoir-dhearg,
Eadar Lìte 's gach cala,
'N dèanta fantainn neo falbh;
Chan eil maighstir soithich
'Chuala feothas do làimh
Nach bi faighneachd 's a fiosrach
Càite faighte do bhàt'.

Iùbhrach àlainn, 's i fallainn,
'S i ri gabhail a' chuain,
I ruith cho dìreach ri saighead
'S gaoth na h-aghaidh gu cruaidh;
Ged a bhiodh stoirm a' chlachadh meallain
Ann, 's an cathadh a tuath
Nì Fear Heisgeir a gabhail
Làmh nach athadh ro 'n stuaigh.

Tha Fear Heisgeir a' tighinn;
Bu tu ceann-uidhe nan ceud,
Bu tu ceann-uidhe na cuideachd
'S cha bu sgrubaire crìon;
'N àm ruighinn do bhaile,
Seal mu 'n cromadh a' ghrian,
Bu tu mac an deagh athair
Bha gu mathasach riamh.

Julie Fowlis - Òran Fìr Heisgeir için yorum ekle !


En popüler Julie Fowlis şarkı sözleri

En popüler şarkı sözleri