Julie Fowlis - Do Chalum

Chalum, a rùin, o'n a dh'eug thu
's airsneulach, tinn as do dhéidh sinn.

Gearr bha do réis, gearr do shaoghal,
Buan an creuchd, bheum do dhaoine.

'S tusa bha meur éibhinn, aotrom,
dealasach,ceart, eirmseach, daonda.

Fulangach, treun, gleac ri eucail
gun fhiamh, gun ghealt ri uchd éig thu.

Sgoilear gun mheang, tuigseach gleusda
thionail ar fuinn, thruis gach sqeulachd.

Choisinn thu chliù thall an Èirinn
's bhos an Albainn mhór bha dh'fheum ort.

Blàth bha do chridhe, fialaidh muirneach,
macanta, còir, coibhneil, fiùghant.

Fuaraidh an nochd, aognaidh tùrsach
Gaoth anns a'bhearn nach gabh dùnadh.

Julie Fowlis - Do Chalum için yorum ekle !


En popüler Julie Fowlis şarkı sözleri

En popüler şarkı sözleri